|
Capercaillie - Gin Teann Mi Ris Na Ruinn Tha Seo (Remeberance) lyrics
Gun teann mi ris na ruinn tha seo a-nis a sgrìobhadh sìos 'S mi anns a bhàt' a cuimhneachadh air tìr nan glinn as brèagh' Far am b'òg a bha mi uaireigin dol cuairt don Charragh Liath A dh'fheitheamh air na lachain ann 's a mhadainn tighinn on iar Bhiodh grunn de dh'àrmunn chòir againn nuair thòisicheadh an t-sealg Is chliunneadh tus' an stàirneanaich "bombardaigeadh" bhiodh garbh Cuid a faighinn beò às dhiubh cuid eile leòint' is marbh 'S na coin gan tòirt air tìr thugainn as ìnnean nan tonn garbh Is iomadh sgrìob a thug mi ann nuair bhiodh an t-sìde doirbh Is ealach thug mi dhachaidh às de dh'eòin ghlas agus sgairbh Sin dh'fhàgadh m'inntinn sòlasach nuair chithinn torr dhiubh marbh 'S mun tigeadh àm bhi tarruinn às bhiodh gad dhiubh dheànamh dearbht' |
|
|||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||
| Last added lyrics |
|---|
|
Fornika by Die Fantastischen Vier |
Big Dog Daddy by Toby Keith |
Insomniac by Enrique Iglesias |
Zakiya by Zakiya |
Good Girl Gone Bad by Rihanna |